Acadamaidh Teanas Bùird Bhaile Spòrs Obar Dheathain

An Acadamaidh a’ conaltradh le daoine òga bho choimhearsnachdan eadar-mheasgte chinnidheach agus sgìrean air tuarastal ìosal

Tha Acadamaidh Teanas Bùird Bhaile Spòrs Obar Dheathain (ASV), a’ briseadh sìos bhacaidhean air spòrs do dhaoine òga bho cheàrnaidhean air bheagan tuarastail, agus daoine bho choimhearsnachdan eadar-mheasgte chinnidheach.

Thòisich teanas bùird aig ASV ann an 2011, an toiseach mar phìleat dà oidhche san t-seachdain, ach dh’fhàs e glè luath gu bhith mar an acadamaidh shoirbheachail a tha a’ ruith an-diugh.  

A thuilleadh air an acadamaidh, aig a bheil cluicheadairean gu làithreach bho aois 8-17, tha àireamh de ghnìomhachdan teanas bùird eile a’ ruith gach seachdain, a tha a’ frithealadh gach aois agus gach comas. Tha seiseanan sònraichte ann do chom-pàirtichean nas sine, le daoine sna 70an agus na 80an a’ gabhail pàirt.

Tha an acadamaidh air a ruith leis an Àrd-Choidse Max Singer, a tha air a bhith a’ coidseadh spòrs on a sguir e a chluich ann an 1988. Tha tadhalan cunbhalach air sgoiltean a tha ionadail do ASV, mar phrìomh phàirt de a dhreuchd, gu h-àraid ann an sgìrean air bheagan tuarastail, gus seiseanan blasaidh a lìbhrigeadh an-asgaidh agus daoine òga a bhrosnachadh gu com-pàirt a ghabhail.

Tha pàrantan air am brosnachadh cuideachd a thighinn agus cuideachadh ma tha ùidh aca, tha grunn phàrantan air sin a dhèanamh agus on uair sin air teisteanasan coidsidh a ghabhail os làimh. Lean seo gu cruthachadh air coimhearsnachd teanas bùird in-ghabhalach le coidsichean agus com-pàirtichean bho dhùthchannan leithid A’ Ghearmailt, Nigeria, Na h-Ìnnsean, An Ruis agus a’ Phòlainn.

Thuirt Max Singer: “Tha a bhith fosgarra agus in-ghabhalach gun teagamh sam bith air eòlas nan cluicheadairean agus nan coidsichean àrdachadh, agus air cultar a chruthachadh a tha a’ cur taic agus a’ brosnachadh riuthasan uile a tha na lùib, gu an ìre as àirde a dh’iarras iad a ruighinn anns an spòrs.

“Nuair a thadhaileas mi air sgoiltean, is e an t-amas an spòrs a chur an aithne dhaibh, feuch an còrd e riutha agus ’s dòcha cuid le tàlant nàdarra dha a chomharrachadh. Thathar a’ tabhach a’ chothruim dhaibh a thighinn agus com-pàirteachadh, tha a’ chiad dà sheisean gu an tèid iad an-asgaidh dhaibh. Bidh sinn a’ feuchainn ri an cuideachadh cho math ’s as urrainn dhuinn a thaobh cosgais.

“Tha mòran chloinne air a thighinn don acadamaidh bho na sgoiltean. Tha cuid ag adhartachadh gu deagh ìre, tha cuid eile nach eil, ach ma tha an spòrs a’ còrdadh riutha, tha sin ceart gu leòr dhòmhsa.”

Date published: 8 September 2023
Date updated: 8 September 2023

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk