Spòrs Fad Beatha 2023

English Gàidhlig

 

 

Ro-ràdh a’ Mhinisteir

Maree Todd, Ministear airson Cùram Sòisealta

Ann an 2022-23, mar a lean an siostam spòrs a’ slànachadh bho buaidh a’ phandamaig, bha sinn a-rithist comasach air tlachd fhaighinnn à buannachdan corporra is slàinte inntinn spòrs.

Tha mi toilichte gu bheil, taobh a-staigh an t-slànachaidh seo, fìor dhealas a thaobh in-ghabhaltachd. Tha an aithisg seo a’ taisbeanadh nan atharrachaidhean a tha spòrsalba a’ dèanamh, ag obair le com-pàirtichean agus coimhearsnachdan gus goireasan a chuimseachadh gu far as motha feum orra.

Fiù agus sinn a’ leantainn air adhart a’ slànachadh bhon phandamaig, tha sinn a’ cothachadh ris na suidheachaidhean eaconamach as dùbhlanaiche on is cuimhne leinn. Tha nas lugha airgid aig daoine airson a chosg air spòrs, fhad ’s a tha gnìomharaichean a’ dèiligeadh ri cosgaisean nas àirde. Gus leantainn air adhart a’ soirbheachadh, feumaidh an roinn spòrs feallsanachd obair-sgioba a leabachadh, a fhritheil sinn cho math tron phandamaig. Tha mi cinnteach gun dèan sinn sin.

Tha na sgeulachdan san aithisg seo, mar eismpleir Active Recovery Moray, a’ sealltainn deoin airson com-pàirteachasan a chruthachadh taobh a-muigh na roinne. Tha fios agam gur e dìreach dealbh bheag a tha sin de na mòran eisimpleirean mòra de chom-pàirteachasan a tha a’ lìbhrigeadh bhuilean sòisealta nas fharsainge tro spòrs. Tha mi toilichte a bhith a’ faicinn builean chom-pàirteachasan ùra spòrsalba  le Enable agus roinn na colaiste. 

Aig Geamannan a’ Cho-fhlaitheis ann am Birmingham, chunnaic sinn a-rithist an siostam spòrs a’ cur taic ris na lùth-chleasaichean againn gus gnìomhadh air àrd-ùrlar an t-saoghail agus iad a’ coileanadh nan geamannan air falbh a b’ fheàrr a-riamh. Am-bliadhna, tha Alba a’ toirt aoigheachd do Chraobh Rothaireachd na Cruinne agus bidh Maoin Ghoireasan Rothaireachd spòrsalba a’ dèanamh cinnteach à buannachd leantainneach do mhòran choimhearsnachdan.

Mo thaing do na proifeiseantaich agus na saor-thoilich a tha a’ cur ri daoine a dhèanamh gnìomhach. Taing shònraichte do Stiùbhart Harris a leig dheth a dhreuchd mar Àrd-Oifigear spòrsalba san Dàmhair an dèidh 16 bliadhna. Tha mi a’ coimhead air adhart ri leantainn air adhart ag obair leis an Àrd-Oifigear ùr, Forbes Dunlop, gus Alba nas gnìomhaiche a thogail.

Maree Todd, Ministear airson Cùram Sòisealta, Sunnd Inntinn agus Spòrs

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

Tar-shealladh

Is e spòrsalba am buidheann nàiseanta airson spòrs. Is e ar lèirsinn Alba ghnìomhach far a bheil gach neach a’ faotainn buannachd bho spòrs.

Tha sinn a’ tasgadh goireasan Riaghaltas na h-Alba agus a’ Chrannchuir Nàiseanta  gus sluagh Alba a chuideachadh gu a’ bhuaidh as fheàrr fhaighinn às an t-siostam spòrs.

Siostam spòrs do na h-uile

Siostam spòrs do na h-uile

Is e Spòrs Fad Beatha 2023 an ath-sgrùdadh bliadhnail againn. Tha e a’ còmhdach na ceathramh bliadhna de ar ro-innleachd chorporra, Spòrs Fad Beatha.

Ann an 2022-23, agus slànachadh bhon Choròna-bhìoras (Covid-19) a’ leantainn agus spòrs is gnìomhachd chorporra a’ tilleadh, chuimsich sinn a-rithist air ar tabhartas do Spòrs Fad Beatha agus Frèam-obrach Bhuilean Alba Ghnìomhach (ASOF).

Mar sin, tha an sgrùdadh bliadhnail seo ag amas air ar n-adhartas a thaisbeanadh mu choinneamh nam builean ann an Spòrs Fad Beatha eadar 1 Giblean, 2022 agus 31 Màrt, 2023. Tro sgeulachdan pearsanta, tha sinn cuideachd a’ togail air buaidh ar gnìomhadh cho-obrachail le com-pàirtichean tarsainn an t-siostaim.

#SportForLife23

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

 

Ath-sgrùdadh an Àrd-Oifigeir

Forbes Dunlop

Tha an sgrùdadh bliadhnail seo a’ còmhdach na ciad bliadhna on a thòisich am pandamaig far nach eil sinn air dèiligeadh ri cuibhreachaidhean cudromach air ar dòigh beatha mar thoradh air a’ Choròna-bhìoras (COVID-19). Ged a tha buaidh mhaireannach a’ phandamaig ri fhaireachdainn fhathast tarsainn na roinne spòrs, tha freagairt làidir an t-siostaim spòrs air dèanamh cinnteach gu bheil spòrs agus gnìomhachd chorporra air fuireach aig cridhe nan coimhearsnachdan air feadh Alba.  

B’ e seo 12 mìosan eile far a bheil neart siostam spòrs na h-Alba air a bhith glè fhollaiseach. Bhon spòrs a thathar a’ lìbhrigeadh sna sgoiltean, clubaichean agus ionadan spòrs coimhearsnachd air feadh na dùthcha, gu lùth-chleasaichean Alba a’ farpais aig an ìre as àirde air feadh an t-saoghail, a’ gabhail a-steach aig Birmingham 2022 far an do chlàr Sgioba Alba a ghnìomhadh as fheàrr a-riamh air falbh aig Geamannan Co-fhlaitheis. 

Tha àireamh de dhùbhlain cudromach fhathast mu choinneamh na roinne agus bidh co-obrachadh le com-pàirtichean ionadail is nàiseanta aig teis meadhain cuideachaidh le dèiligeadh ris is na dùbhlain sin.

Tha mòran chothroman brosnachail ri teachd cuideachd agus tha e na adhbhar misneachaidh fios a bhith againn gu bheil sgioba-obrach dhìcheallach is thàlantach de shaor-thoilich is phroifeiseantaich againn, a tha a’ cumail suas ar siostam spòrs, agus a’ dol fada os cionn an dleastanais gach latha gus ar cuideachadh le brath a ghabhail air na cothroman sin.

Tha an sgrùdadh bliadhnail seo a’ taisbeanadh na buaidh a tha aig spòrs air daoine, teaghlaichean agus coimhearsnachdan air feadh Alba, agus bu mhath leam taing a thoirt do gach neach a tha a’ leantainn air adhart a’ coileanadh am pàirt ann an sin.

Forbes Dunlop, Àrd-Oifigear, spòrsalba 

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

 

Coileanadh ar pàirt

Thar na bliadhna a dh’fhalbh, is e prìomhachas ar plana gnothachais na builean ann an Spòrs Fad Beatha a lìbhrigeadh, agus aig an aon àm leantainn air adhart a’ cur taic ri slànachadh na roinne. Ag obair le com-pàirtichean ionadail, nàiseanta agus ro-innleachdail, tha sinn air meudachadh fhaotainn ann an seilbheachd tarsainn sreath de raointean leasachaidh. B’ e in-ghabhaltachd agus slànachadh na prìomh stiùiridhean air ar co-dhùnaidhean.

Chuir sinn modh-obrach nas cuimsichte air adhart a thaobh taic do chom-pàirtichean ionadail gus neo-ionannachdan a lùghdachadh ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra. Dh’obraich sinn gu dlùth le com-pàirtichean gus coimhearsnachdan

sònraichte cuimseachaidh a dhearbhadh. Stèidhich sinn am feumalachdan agus dh’aontaicheadh mar as urrainn dhuinn an luach as fheàrr a chur ri gach susbaint ionadail. Is e ar n-amas ruigsinneachd air cothroman iomairt agus a leasachadh do bhuidhnean fo-riochdaichte, a’ gabhail a-steach daoine a tha a’ còmhnaidh ann an sgìrean dùthchail no raointean de ioma-bhochdainn.

Bhrosnaich sinn com-pàirtichean ionadail gu bhith a’ smaoineachadh gu cruthachail mu dheidhinn na b’ urrainn dhaibh a dhèanamh gus neo-ionannachdan a lùghdachadh ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra tro Sgoiltean Gnìomhach agus ionadan spòrs coimhearsnachd. Dh’aontaich sinn air £3.2m a thasgadh ann a h-aon-deug phròiseactan thar an ath cheithir bliadhna, tarsainn ochd ùghdarrasan ionadail. Tha sinn air gealltainn £0.5m a thasgadh ann am bliadhna a h-aon agus £0.9m gach blaidhna às dèidh sin. Thug sinn seachad luachadh neo-eisimeileach agus builean mar thaic do chom-pàirtichean. Stèidhichidh sinn coimhearsnachd de chleachdadh gus taic a chur ri buileachadh agus ionnsachadh co-roinnte.

Dh’fhoillsich sinn iomairt ùr le com-pàirtichean ionadail, Snàmh Alba, Foghlam Alba agus Riaghaltas na h-Alba. Is e an t-amas cothroman a mheudachadh do chlann agus do dhaoine òga uile airson com-pàirteachadh ann an snàmh sgoile, a’ cur gu dearbhach ri an sunnd agus an sàbhailteachd. Chuir sinn taic ri ceithir pìleatan lìbhrigidh air feadh na dùthcha agus cuiridh sinn taic ri luachadh neo-eisimeileach air a’ phrògram gus na h-ath cheumannan fhiosrachadh. Leasaich sinn com-pàirteachasan ùra le roinn nan colaistean ann an Alba. Is e ar n-amas cothroman spòrs agus gnìomhachd chorporra a mheudachadh do dh’oileanaich agus am modh-obrach a neartachadh a thaobh greisean-gnìomhachais stèidhichte air obair san roinn spòrs.

Taobh ri taobh leis na raointean leasachaidh ùra, lean sinn air adhart a’ cur taic ris an roinn gus dèanamh cinnteach gu bheil in-ghabhaltachd aig teis-meadhain gach nì a tha sinn a’ dèanamh. Leasaich sinn com-pàirteachasan ùra gus ar cuideachadh le conaltradh le daoine agus coimhearsnachdan nas eadar-mheasgte ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra. Cho-obraich sinn le ENABLE gus ar luchd-obrach  agus ar lìonraidhean tasgaidh a chuideachadh gu feumalachdan dhaoine ciorramach a thuigsinn nas fheàrr agus taic a thoirt dhaibh gu pàirt a ghabhail.

Dh’ainmich sinn dàimh ùr leis a’ charthannas leth-breith cinnidh, Sporting Equals. Tha seo mar phrìomh phàirt de ar dealas leantainneach a thaobh neo-ionannachd cinnidh ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra, a làimhseachadh. Bidh an com-pàirteachas a’ strì ri ìrean fiosrachaidh, mothachaidh agus tuigse a mheudachadh mu na cùisean taobh a-staigh spòrs. Bidh e ag amas air a’ mhisneachd a thoirt do spòrs, clubaichean agus coimhearsnachdan gu neo-ionannachdan cinnidh agus gràin-cinnnidh a chomharrachadh agus dèiligeadh ris.

Chuir sinn taic ri soirbheachadh spòrs air àrd-ùrlar na cruinne. Sholaraich sinn raon de sheirbheisean ullachaidh is taic do lùth-chleasaichean agus spòrs air thoiseach air Geamannan a’ Cho-fhlaitheis 2022 ann am Birmingham. Chaidh 260 lùth-chleasaiche a thaghadh mar phàirt de Sgioba Alba, le còrr air 51% den sin de bhoireannaich. Bhuannaich Sgioba Alba 51 bonn, a’ gabhail a-steach 13 buinn òir,

tarsainn deich seòrsaichean spòrs. Bha seo na b’ àirde na targaid nan Geamannan ro-làimh de eadar 38 gu 48 buinn. B’ e Donnchadh Scott an lùth-chleasaiche bho Gheamannan a’ Cho-fhlaitheis a bu sgeadaichte ann an Alba, le 13 buinn.

Dh’fhoillsich sinn prògram ceannardais ath-ùraichte don roinn anns an Fhaoilleach 2023. Bha seo a’ gabhail a-steach Prògram in-ghabhalach Ceannardais Spòrs Alba, a bha ri fhaotainn leis an sgioba-obrach phroifeiseanta agus prògram coidsidh stiùirichean gnìomha do Àrd-Oifigearan SGB. Tha iad sin ag amas air sgilean ceannardais, fiosrachadh agus comas luchd-obrach taobh a-staigh na roinne spòrs, a neartachadh.  

Lìbhrig sinn tachartas Stiùir gu Soirbheachadh do chòrr air 100 stiùiriche òg làithreach, gus deichead bliadhna de ar daoine òga a’ com-pàirteachadh ann am prògraman stiùirichean, a chomharrachadh. Thug sinn cuireadh do lùth-chleasaichean brosnachail, buill de Phannal Spòrs Dhaoine Òga agus Tosgairean Òga, gu an sgeulachdan a roinn.  Bha 100 neach òg an làthair. Sholaraich sinn sreath de bhùithtean-obrach agus de ghoireasan gus an cuideachadh nan dreuchdan agus nan leasachadh san àm ri teachd.

Lean sinn air adhart a’ stiùireadh maoin tasgaidh ro-innleachdail gus lìonra de ghoireasan rothaireachd ruigsinneach, in-ghabhalach agus brosnachail, a lìbhrigeadh air feadh na dùthcha. Ann an 2022-23, dh’aontaich sinn seilbheachd de £1,487,088, do 11 pròiseact. A thuilleadh air sin, chaidh taic a thoirt do chòrr air 30 iomairt tron mhaoin rothaireachd coimhearsnachd a’ tasgadh £344,713, gus gnìomhachdan rothaireachd ùra a lìbhrigeadh tarsainn chlubaichean, choimhearsnachdan agus sgoiltean. Bha an t-seilbheachd seo ag amas air taic a chur ri dìleab de atharrachadh dearbhach agus barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu pàirt a ghabhail ann an rothaireachd, a’ cleachdadh a’ chiad Mòr-Fharpais Rothaireachd Chruinneil UCI a tha a’ gabhail àite san Lùnastal 2023, mar mhisneachadh.

Tha sinn a’ tuigsinn nan dùbhlain chudromaich a tha a’ toirt buaidh air an t-siostam spòrs agus air a’ chomann-shòisealta fharsaing. Bidh sinn a’ cuimseachadh air an sgioba-obrach phroifeiseanta làithreach a dhìon, ris a bheil ar seibheachd a’ cur taic. Bidh sinn a’ dìon agus a’ cumail suas a’ bhun-structair fharsaing air a bheil an siostam spòrs air a thogail. Cuiridh sinn prìomhachas air ar goireasan a thaobh nan cothroman aig a bheil a’ bhuaidh as motha air slàinte chorporra is inntinn agus sunnd dhaoine. Fuirichidh in-ghabhaltachd aig teis-meadhain gach nì a tha sinn a’ dèanamh.

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

Ar dàta

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

Mun dàta

Tha an dàta seo bho sgrùdadh àbhaisteach air an taobh a-staigh agus suirbhidhean chom-pàirtichean tarsainn ar prògraman.  

Chaidh toraidhean mu choinneamh Frèam-obrach Bhuilean Alba Ghnìomhach agus feartan ionannachd, iomadachd agus in-ghabhaltachd (EDI) do bhuill cluba, a thional tro ar suirbhidh cluba ASOF. Fhuair sinn còrr air 5,000 freagairt am-bliadhna; tha seo mòran nas ìsle na an t-suirbhidh roimhe seo, a thionail 11,000 freagairt. Mar thoradh air na reataichean freagairt ìosal bho chuid de na spòrsan as motha, chan urrainn dhuinn an dàta a chothromachadh. Mar sin, chan eil toraidhean na suirbhidh nan riochdachadh coileanta agus bu chòir an làimhseachadh le faiceall. Tha seo buntainneach cuideachd don dàta a chaidh aithris an aghaidh nam builean ASOF gu h-ìosal:

  • Tha sinn a’ cur taic ri sunnd agus fulangas ann an coimhearsnachdan tro ghnìomhachd chorporra agus spòrs.
  • Tha sinn a’ brosnachadh agus a’ comasachadh dhaoine gnìomhach gu fuireach gnìomhach fad am beatha.
  • Tha sinn a’ brosnachadh agus a’ comasachadh dhaoine neo-ghnìomhach gu bhith nas gnìomhaiche.
  • Tha sinn a’ leasachadh misneachd agus comasachd chorporra bhon aois as òige.  

Tha dàta EDI bho Sgoiltean Gnìomhach a-nis ga thional tro ar sgrùdadh air prògraman, tha dàta san aithisg seo stèidhichte air freagairtean bho 29 den 32 ùghdarras ionadail. Chaidh dàta air lùth-chleasaichean le taic, a thional tro shuirbhidh EDI.

Chan eil am figear soilleir ann do dhaoine a tha a’ ruighinn air cothroman trèanaidh. Tha seo a’ ciallachadh gur dòcha gum bi ioma-chunntadh air daoine a tha an sàs ann am barrachd na aon chothrom trèanaidh.

Tha seilbheachd ghoireasan a’ gabhail a-steach Maoin Ghoireasan Spòrs agus Maoin Chruth-atharrachaidh Teanas A-staigh, a tha maoinichte tron Chrannchur Nàiseanta, agus Maoin Ghoireasan Rothaireachd a tha maoinichte co-ionann tro sheilbheachd Riaghaltas na h-Alba agus an Crannchur Nàiseanta.

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

Geàrr-iomradh ionmhasail

Tùsan maoineachaidh

             

Iomradh Sùim £m

Maoineachadh Riaghaltas na h-Alba

 34.432

Tarraing-sìos a’ Chrannchuir Nàiseanta

 30.100

Teachd a-steach eile

 1.470

Iomlan

 66.001

Briseadh sìos caiteachais

             

Tuairisgeul  Sùim £m

Sgoiltean agus Foghlam

 18.477

Clubaichean agus Coimhearsnachdan

 29.011

Gnìomhadh

 17.758

Iomlan

 65.246

 

 

Air ais gu bàrr na duilleige

Date published: 8 September 2023
Date updated: 8 September 2023

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk