Fèisean Para-spòrs Spòrs Ciorramachd na h-Alba

Daoine òga le ciorram a’ cur eòlas air spòrs airson a’ chiad uair

Tha Fèisean Para-spòrs Spòrs Ciorramachd na h-Alba a’ cuideachadh mòran daoine òga air feadh Alba le eòlas a chur air spòrs airson a’ chiad uair.

Chaidh na Fèisean Para-spòrs a thòiseachadh ann an 2009 ach tha am prògram air fàs gu mòr sna bliadhnaichean a dh’fhalbh, le naoi fèisean a’ gabhail àite an-uiridh. Am measg nan àiteachan sin tha Arcaibh, Sealtainn, Taobh Sear Alba, Taobh Siar Alba, Meadhan Alba, Dùn Phris is Gall-ghàidhealaibh, Taobh Tatha, Am Monadh Liath agus a’ Ghàidhealtachd.

Tha na fèisean a’ ceadachadh do dhaoine òga a tha fo-riochdaichte ann an spòrs gu raon de spòrsan fheuchainn a-mach. Do mhòran, is e a’ chiad uair a tha an cothrom air a bhith aca pàirt a ghabhail sna spòrsan sin, le taic speisealaichte ga thoirt far a bheil feum air. Bha na fèisean air an dealbhadh gus daoine òga le ciorraman ann am foghlam prìomh-shruthach a chuideachadh, nach robh a’ gabhail cothrom, no nach robh comasach air cothrom a ghabhail air spòrs agus gnìomhachd chorporra. Ann an 2022-23 tha còrr air 330 neach òg air pàirt a ghabhail.

Mhìnich Lynne Glen, Ceannard Leasachaidh Spòrs Ciorram na h-Alba (SDS), am buidheann stiùiridh air spòrs ann an Alba: “Bha sinn air a chomharrachadh gun robh dìth chothroman ann do dhaoine òga le ciorraman, gu h-àraid daoine òga le ciorraman corporra, cion fradharc agus cion claisneachd.

“Tha com-pàirteachadh san fhèis a’ togail dhòchasan agus fèin-èifeachd dhaoine òga a thaobh an comas air spòrs a dhèanamh, tro an eòlas tha iad ag ionnsachadh gun urrainn dhaibh spòrs agus gnìomhachd chorporra a dhèanamh, tha e cuideachd ag atharrachadh beachd am pàrantan agus an luchd-cùraim agus a’ taisbeanadh nas urrainn dhaibh a choileanadh.

“Tha sinn a’ feuchainn ri spòrs a thabhach far a bheil cothrom com-pàirteachaidh gu h-ionadail. Tha sin na phàirt dheatamach den phrògram, àite a bhith aig neach far an urrainnear com-pàirt a chumail suas.

“An dèidh na fèise, bidh manaidsear roinneil SDS a’ fònadh gu na pàrantan no luchd-cùraim gus a dheasbad air na chòrd ris an neach òg, an roghainn phearsanta spòrs a bhiodh aca agus an taic a bhios a dhìth orra gus com-pàirt a ghabhail. Bheir iad seachad taic freagarraichte an uair sin gus seiseanan iomchaidh a lorg san sgìre.”

Date published: 8 September 2023
Date updated: 8 September 2023

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk