Sgoiltean Gnìomhach Siorrachd Inbhir Àir a Tuath

Tha bacaidhean air spòrs gan toirt air falbh do dhaoine òga fo chùram ann an Inbhir Àir a Tuath

Tha sgioba Sgoiltean Gnìomhach Siorrachd Inbhir Àir a Tuath ag obair le com-pàirtichean gus bacaidhean air cothroman spòrs is gnìomhachd chorporra do dhaoine òga ann an cùram, a thoirt air falbh, a thuilleadh air taic a thoirt dhaibh gus am misneachd a thogail agus ann an cuid de chùisean a’ cuideachadh leis an ùine a tha iad san sgoil a mheudachadh.

Tha daoine òga ann an cùram glè thric a’ dèiligeadh ri mòran chnapan-starra a chuireadh bacadh orra bho pàirt a ghabhail ann an spòrs. Dh’fhaodadh gu bheil iad a’ dèiligeadh ri ciùrradh-inntinn no raon de dhùbhlain nam beatha dhachaigheil agus ’s dòcha nach eil iad san àrainneachd sgoile gu cunbhalach no cothrom aca air còmhdhail no acainns spòrs.

Tha Gary Moore na Oifigear Com-pàirteachais Choimhearsnachdan is Sgoiltean Gnìomhach (ASCPO) ann an Siorrachd Àir a Tuath, dreuchd a tha maoinichte le spòrsalba. Is e dreuchd Gary obrachadh le com-pàirtichean slàinte is sòisealta, sgoiltean, coimhearsnachdan agus buidhnean treas roinne a tha mar-thà a’ conaltradh le daoine òga ann an cùram san sgìre, gus cuideachadh le cothroman a mheudachadh dhaibh.  

Is e pàirt de dh’obair Gary cothrom fèin-fhiosrach a thabhach tràth sa phròiseas. Chan eil na cothroman sin a-mhàin a’ toirt eòlas dearbhach do na daoine òga ach cuideachd a’ ceadachadh dhaibh dàimh dheimhinneach a thogail le luchd-obrach.

Ghabh aon de na còmhnaidheachdan sin àite o chionn ghoirid aig ionad trèanaidh nàiseanta spòrsalba ann an Inbhir Chluaidh sa Ghearran 2023. Tha Inbhir Chluaidh mar a’ chiad ionad spòrs còmhnaidheach de a sheòrsa san RA, air a dhealbhadh airson in-ghabhalachd. 

Bha a h-uile nì mun turas air a fhreagarrachadh gus dèanamh cinnteach gun robh an goireas, àite-fuirich, gnìomhachdan agus ullachaidhean bìdh, a’ dèanamh nan daoine òga a’ faireachdainn cho cofhurtail ’s a ghabhadh.

Bha sin a’ gabhail a-steach trèanadh do luchd-obrach spòrsalba le sgioba nan Sgoiltean Gnìomhach gus an robh làn tuigse aca do fheumalachdan nan daoine òga.  

Thuirt Gary: “Chan eil spòrs agus gnìomhachd chorporra an-còmhnaidh aig beulaibh an inntinn. Dh’fhaodadh gur e a bhith a’ cur biadh air a’ bhòrd no iomnaidh mu dheidhinn a dhol dhachaigh às dèidh na sgoile ma tha iad gan gluasad a dh’àiteigin eile.

“Is e a’ chòmhnaidheachd a’ chiad chonaltradh a tha sinn a’ cleachdadh gus tòiseachadh gu dòchasach a’ toirt taic do na daoine òga sin air bhunait ama nas fhaide.”

Date published: 8 September 2023
Date updated: 8 September 2023

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk